Thèid £393 millean gu lèir a chur an seilbh air sgàth Aonta Fàs nan Eilean a chaidh aontachadh eadar Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan an Iar
Chuir Ministearan Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba agus Ceannardan Chomhairlean Arcaibh, Shealtainn agus na h-Eileanan an Iar an ainmean ri aonta an-diugh (20mh Faoilteach) gus £100 millean a chur an seilbh airson saidhbhreas nan trì ùghdarrasan eileanach san àm ri teachd.
Thathar an dùil gun tèid suas ri 1,300 cosnadh a chruthachadh agus £393 millean a chur an seilbh mar thoradh air an aonta cruth-atharrachail airson Fàs nan Eilean eadar Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Shealtainn agus Comhairle Arcaibh.
Thairis air deich bliadhna, cuiridh Aonta Fàs nan Eilean taic-airgid an seilbh ann an 16 pròiseactan is prògraman a bhios a’ faighinn buannachd à stòrasan nà darra air leth nan Eilean. Tha seo stèidhichte air na trì cuspairean ro-innleachdail a leanas: beag-charboin; a’ cur taic ri fàs eaconomach agus ghnìomhachasan san à m ri teachd; agus coimhearsnachdan seasmhach, soirbheachail, a’ crochadh air aonta chùisean gnìomhachais iomlan.
Air a cho-mhaoineachadh le suas ri £100 millean – £50 millean an urra bho Riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte – gheibh Aonta Fàs nan Eilean barrachd taic-airgid suas ri £293 millean mar mhaoineachadh co-ionann.
Tha na trì Comhairlean Eileanach air an Aonta a leasachadh, còmhla ri com-pà irtichean poblach, acadaimigeach, gnìomhachais, coimhearsnachd agus treas-phà rtaidh.
Thathar an dùil sa chiad bhliadhna den phrògram deich-bliadhna gun tèid taic-airgid a chur an seilbh thairis air na h-Eileanan, a’ gabhail a-steach à rainnean OGE ann an Sealtainn agus sna h-Eileanan an Iar, agus Ionad Cothromachadh Carboin nan Eilean, a bhios stèidhichte air Àrainn Rannsachaidh agus Ùr-ghnà thachaidh Arcaibh ann an Stromness.
A’ cur fà ilte air an naidheachd, thuirt Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Eadar-amail aig º¬Ð߲ݴ«Ã½: “’S e clach-mhìle chudromach a tha seo do Phrògram Cùmhnant Fà s nan Eilean agus na choileanadh mòr dha na h-uile a tha an sà s ann. Tha dealas aig º¬Ð߲ݴ«Ã½ gum bi buaidh chruth-atharrachail againn air na tha san amharc don sgìre againn agus a bhith a’ toirt taic do ar coimhearsnachdan, seirbheisean poblach agus gnìomhachasan. Tha iomairtean mar seo a’ cur gu mòr ri à m ri teachd ar coimhearsnachdan.
“Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair le co-obraichean ann an Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Shealtainn agus Comhairle Eileanan Arcaibh, le ar prìomh luchd-ùidhe agus le º¬Ð߲ݴ«Ã½ Innse Gall, Colaiste Arcaibh º¬Ð߲ݴ«Ã½ agus º¬Ð߲ݴ«Ã½ Sealtainn gus taic a thoirt don chùmhnant agus pròiseactan cruth-atharrachail a ghluasad air adhart. Tha seo a’ gabhail a-steach leasachadh à rainn agus curraicealam, rannsachadh agus pròiseactan iomlaid eòlais a chuidicheas sinn gus foghlam agus rannsachadh à rd-inbhe a lìbhrigeadh, a bharrachd air tasgadh a tharraing a-steach agus taic a thoirt do chosnadh.â€
Mhol Hannah Ritchie-Muir, Prionnsapal º¬Ð߲ݴ«Ã½ Innse Gall, coileanadh na clach-mhìle chudromaich seo airson Cùmhnant Fà s nan Eilean, ag rà dh: “Tha º¬Ð߲ݴ«Ã½ Innse Gall air a bhith na chom-pà irtiche là idir ann an leasachadh na lèirsinn agus nam beachdan pròiseict a thà inig gu bith. 'S ann mar thoradh air an oidhirp mhòr agus an obair chruaidh a rinn a h-uile com-pà irtiche tron ìre leasachaidh seo a tha sinn air an aonta fhoirmeil seo a choileanadh agus a shoidhnigeadh. Tha sinn a cheart cho dealasach mun ìre lìbhrigidh agus na pròiseactan fhaicinn a’ tighinn gu bith, mar bhuannachd don òigridh agus ar coimhearsnachdan. Tro chom-pà irteachas º¬Ð߲ݴ«Ã½ agus an aonadh san amharc againn le º¬Ð߲ݴ«Ã½ Gà idhealtachd a Tuath agus º¬Ð߲ݴ«Ã½ Gà idhealtachd an Iar, is urrainn dhuinn cothroman gun samhail agus sà r-mhathas ann an ionnsachadh, trèanadh agus taic a thabhann do gach oileanach, gnìomhachas agus coimhearsnachd dhùthchail.â€
Thuirt Sìne Lewis, Prionnsapal º¬Ð߲ݴ«Ã½ Sealtainn: “Tha º¬Ð߲ݴ«Ã½ Sealtainn a’ coimhead air adhart ri togail air Cùmhnant Fà s nan Eilean airson an ama ri teachd do Shealtainn agus na h-eileanan, tro cho-obrachadh leantainneach le Riaghaltasan na h-Alba agus na RA, gnìomhachasan ionadail, an com-pà irteachas º¬Ð߲ݴ«Ã½ san fharsaingeachd, agus luchd-ùidhe eile. Tha aonta foirmeil agus soidhnigeadh-dheth an latha an-diugh na chomharradh air à m brosnachail dha na com-pà irtichean uile, agus do na coimhearsnachdan againn a gheibh buannachd à s na leasachaidhean a tha a’ dol air adhart. Tha na ceanglaichean a tha sinn air a chruthachadh le cumhachd ath-nuadhachail, sgilean uaine agus roinn an fhà nais a’ nochdadh gu bheil à m ri teachd beòthail aig Sealtainn. Airson º¬Ð߲ݴ«Ã½ Sealtainn tha sinn air bhioran mun tasgadh san roinn treas-ìre, gu h-à raidh ar planaichean ath-leasachaidh air an à rainn, a tha a’ comharrachadh Shealtainn mar cheann-uidhe beòthail airson a bhith ag ionnsachadh agus a’ fuireach.â€
An dèidh soidhneadh an aonta ann an seòmar Comhairle Arcaibh, thuirt Calum Offord, Ministear na h-Alba Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte: “Chan e mhà in gun toir seo spionnadh do dh’eaconamaidhean ionadail agus gun cruthaich e cosnaidhean, bheir e comas cuideachd do choimhearsnachdan na buannachdan as fheà rr fhaighinn a-mach à stòrasan nà darra nan Eilean a tha a’ ciallachadh gu bheil iad nan à itean sònraichte airson a bhith a’ fuireach.
“Tha an t-aonta seo là n sreath farsaing de phròiseactan a bheireadh deagh bhuaidh air an eaconamaidh, a’ gabhail a-steach, mar eisimpleir, a bhith a’ stiùireadh an eadar-ghluasad gu cothromachadh carboin no a’ leasachadh à itean a tha air leth tarraingeach do luchd-tadhail mar Shlighe Hiort.
“Tha an taic-airgid de £50m a tha Riaghlatas na Rìoghachd Aonaichte a’ cur ri aonta nan Eilean, a bharrachd air airgead-seilbhe à rd-ìreachaidh eile, a’ sealltainn ar dealas gus taic a chur ris na h-Eileanan Albannach.â€
Thuirt Ministear Gnìomhachais Riaghaltas na h-Alba, Ivan McKee: “’S e iomairt chruth-atharrachail a th’ anns an Aonta Fà is – a’ comasachadh fàs eaconamach seasmhach agus a’ lìbhrigeadh bun-structar puirt ùr a bhios cudromach gu h-eadar-nà iseanta, agus a bhios cudromach ann a bhith a’ coileanadh thargaidean cothromachadh carboin.
“Cuiridh taic-airgid £50 millean Riaghaltas na h-Alba taic ris an eadar-ghluasad gu lùth ath-nuadhachail – a’ gabhail a-steach lìbhrigeadh sgilean ùra don luchd-obrach – agus iomairtean gus eimiseanan a lùghdachadh fheuchainn sna h-Eileanan. Brosnaichidh e obair ùr-ghnà thach ann an roinnean cudromach mar fhà nas, biadh is deoch agus ghnìomhachasan cruthachail; cuidichidh e ann a bhith a’ leasachadh chinn-uidhe turasachd agus cultarach, agus a’ leudachadh air solar foghlaim.
“Tha sinn daingeann gum bi ar n-eileanan nan à itean tarraingeach airson a bhith a’ fuireach is ag obair, agus gun urrainn dhaibh taic a chur ri cruth-atharrachadh eaonamach is seasmhach na h-Alba cho math ’s as urrainn.â€
Thuirt Comhairliche Seumas Stockan, Ceannard Comhairle Arcaibh: “Tha soidhneadh na sgrìobhainne cudromaiche seo an-diugh ann an Arcaibh mar chlach-mhìle eile air ar turas ri chèile agus nar lèirsinn airson ar n-eileanan airson an à m ri teachd.
“Tha sinn air a bhith ag obair gu soirbheachail le chèile gus an t-aonta fà is aontachadh leis ar riaghaltasan ann an Lunnainn agus Dùn Èideann gus am bi à m ri teachd nas fheà rr againn uile. Chan e mhà in gu bheil an t-aonta ag aithneachadh gu bheil dùbhlain air leth againn sna h-Eileanan, ach gu bheil neartan againn cuideachd nar stòrasan nà darra agus sna cothroman a tha sinn a’ tabhann.â€
Thuirt Pòl Steele, Ceannard Comhairle nan Eilean Siar: “Tha soidhneadh Aonta Fàs nan Eilean an dà chuid mar lèirsinn a chaidh a chur air bhonn tro cho-obrachadh eadar Comhairlean nan Eilean agus Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba, agus mar thoiseach lìbhrigeadh na lèirsinne sin.
’S e clach-mhìle a th’ ann a bhith a’ coileanadh ar n-amasan gus 1,300 cosnadh a chruthachadh agus £393m de dh’airgead a chur an seilbhe thairis air deich bhliadhna tron Aonta nan Eilean, a’ cleachdadh ghoireasan nan Eilean agus a’ faighinn buannachd à s na stòrasan nà darra againn, agus as cudromaiche buileach, à s na daoine a tha a’ fuireach sna h-Eileanan.â€
Thuirt Emma NicDhòmhnaill, Ceannard Comhairle Shealtainn: “Tha pròiseactan san Aonta a thèid a choileanadh a-mhà in air eileanan sònraichte, le prìomhachas air cothroman agus prìomhachasan ionadail, a bharrachd air an fheadhainn a thèid an coileanadh tro obair chom-pà irteachaidh gus saidhbhreas eaconamach airson ar n-eileanan gu lèir a thoirt gu buil. Cha b’ urrainnear na pròiseactan air leth cudromach seo a tha a’ cur taic ri seasmhachd nan Eilean a leasachadh gun taic agus airgead-seilbhe Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba.
“Tha sinn air a bhith a’ leasachadh ar com-pà irteachas fhad ’s a tha sinn air a bhith a’ leasachadh an Aonta, agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ faicinn mar a bhios e a’ leasachadh sna deich bliadhna a tha romhainn.â€
Thèid na milleanan de dh’airgead-seilbhe a chosg air na pròiseactan a leanas.
A’ stiùireadh na slighe gu à m beag-charboin ri teachd
- Ionad nan Eilean airson Cothromachadh Carboin
- Co-ionad Connaidh Scapa Flow
- Co-ionad Lùtha nan Eilean Siar
- Pròiseact lùtha Ghlain Shealtainn
- Cidhe Ro-Dhomhain Dales Voe
A’ cur taic ri fàs agus gnìomhachasan san à m ri teachd
- Soirbheas nan Eilean Cruthachail
- Leasachadh Ceann-uidhe nan Eilean Siar
- Slighe Dualchais Arcaibh
- Tuathanas Dìreach Arcaibh
- Shell-volution
- Prògram Biadh is Deoch nan Eilean Siar
- Port-fà nais 1
Coimhearsnachdan Soirbheachail Seasmhach
- Eileanan TalEntEd
- Àrainn Rannsachaidh agus Ùr-ghnà thachaidh Arcaibh
- Ath-leasachadh Àrainn Shealtainn
- Ath-leasachadh Àrainn nan Eilean Siar
- Ath-leasachadh Knab