Tagraichean ‘air leth’ a’ tighinn nam buill de Chùirt º¬Ð߲ݴ«Ã½

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (º¬Ð߲ݴ«Ã½) air ceathrar bhall neo-eisimeileach ùra a chur an dreuchd sa bhuidhinn riaghlaidh aca, a’ gabhail a-steach Àrd-Oifigear Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Cuiridh º¬Ð߲ݴ«Ã½ fàilte air Alex Paterson, Eilidh NicAonghais, Allan Clow agus Heather Offord don Chùirt an t-seachdain-sa. Thig na buill ùra an cuideachd bhuill làithreach na Cùirte ann a bhith a’ toirt seachad comhairle mu stiùireadh ro-innleachdail º¬Ð߲ݴ«Ã½.

see full size image
Paul Travill, Heather Offord, Alex Paterson, Liz Stewart and Allan Clow

Tha dreuchd Àrd-Oifigear aig Alex Paterson aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba. San dreuchd a bh’ aige roimhe mar Àrd-Oifigear Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, bha e an urra ri leasachadh air prìomh roinnean nàiseanta, a' cur ri fàs choimhearsnachdan agus gnothachais. Tha gnàth-eòlas aige cuideachd air an roinn mhalairtich, agus e air ìrean tràthail a chùrsa-obrach a chur seachad le Esso Chemicals, Volvo agus Iomairt na h-Alba.

I stèidhichte ann an Uibhist a Deas agus Glaschu, tha Eilidh NicAonghais an-dràsta na Prionnsapal air Ruigsinneachd is Faotainneachdan Fearainn aig a’ chompanaidh lùth uaine chruinneil, Fortescue Future Industries. Bha i roimhe ag obair san Sgioba Fearainn aig SSE Renewables agus Uisge na h-Alba. Mar neach-tagraidh dìoghrasach às leth na Gàidhlig, tha i air fèisean ionadail a chur air dòigh roimhe seo tron bhuidhinn aice ‘Modrun’, ag altram cheanglaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig agus luchd-ciùil, agus tha i air a bhith na preasantair air prògraman TBh agus rèidio sa Ghàidhlig.

Tha Allan Clow na Chunntasair Riaghlaidh Cairte aig an robh àrd-dhreuchdan ionmhais ann an caochladh bhuidhnean san roinn phrìobhaidich, nam measg CHAP Holdings agus Havelock Europa. Stèidhichte ann an Loch Bhraoin, tha e an-dràsta na Stiùiriche-Riaghlaidh air Bancon Homes agus Bancon Construction. Tha e cuideachd na stiùiriche neo-ghnìomhach air Glencraft Mattresses, companaidh iomairt shòisealta neo-phrothaideach a tha a’ toirt cosnadh do dhaoine le cion-lèirsinne agus anacothroman eile.

Stèidhichte ann an Glaschu is freumhan aice anns an Òban, tha Heather Offord na Stiùiriche air a’ chompanaidh comhairleachaidh gnothachais, One4Growth. Tha i air seirbheisean comhairleachaidh a sholarachadh do Chomann Rèidio-eòlaichean Eadar-theachdail Bhreatainn, Oilthigh Canterbury, Ceartas Coimhearsnachd na h-Alba agus STV. Tha i cuideachd na ball comataidh de Bhoireannaich ann an Gnothachas ann an Alba, na h-urrasair aig Fonndas Cùraim Ghlaschu agus na comhairliche do Thriving Survivors, carthannas a tha a’ toirt taic don a h-uile duine a thàinig tro mhòr-chiùrradh.

Tha º¬Ð߲ݴ«Ã½ cuideachd air fàilte a chuir air Paul Travill, a bha na Neach-clàraidh Acadaimigeach Cruinneil aig Oilthigh Heriot Watt, agus Liz Stiùbhart, Rianadair Ionmhais aig SSE Renewables, an roinn as motha de SSE earr., mar bhuill neo-eisimeileach cho-thaghte de chomataidhean a bhuineas don Chùirt.

Chaidh na buill ùra, a bhios a’ com-pàirteachadh air bhunait shaor-thoileach, a thaghadh às deidh iomairt trusaidh agus pròiseas taghaidh a tharraing freagairt mhòr, a’ gabhail a-steach ùidh bho thagraichean eadar-nàiseanta.

Agus e a’ cur fàilte air an naidheachd, thuirt Alastair MacColla, Cathraiche Cùirt º¬Ð߲ݴ«Ã½: “Tha caochladh eachdraidhean aig buill ùra na cùirte againn agus iad a’ toirt an uabhais ghnàth-eòlais leotha. Is e an rud a th’ aca uile ann an cumantas, dealas fìor mhòr a thaobh nam builean a choileanas sinn do na h-oileanaich agus na sgìrean againn. Còmhla ri buill làithreach na cùirte againn, cuidichidh na buill ùra bharraichte seo º¬Ð߲ݴ«Ã½ le cumail air adhart a’ dèanamh cinnteach gum bi ionnsachadh a’ ciallachadh barrachd, airson gach aon de na h-oileanaich againn agus de na coimhearsnachdan air a bheil sinn a’ frithealadh.â€