Oileanaich a’ toirt comharran àrda do º¬Ð߲ݴ«Ã½ san t-suirbhidh nàiseanta

Tha oileanaich aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (º¬Ð߲ݴ«Ã½) air an eòlas ionnsachaidh a rangachadh àrd ann an suirbhidh air feadh na RA. Fhuair º¬Ð߲ݴ«Ã½ sgòr de 81% airson riarachas iomlan oileanaich ann an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach 2023, ceithir puingean sa cheud nas àirde na cuibheas roinn na h-Alba de 77%.

Tha na toraidhean a’ cur º¬Ð߲ݴ«Ã½ san t-siathamh àite ann an Alba airson riarachas oileanaich, os cionn a dhà dheug oilthighean eile ann an Alba.

Air a ruith gach bliadhna le Ipsos MORI, bidh Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach a’ clàradh riarachas fo-cheumnaichean sa bhliadhna mu dheireadh, anns gach pàirt de an cuid eòlais. Is e seo aon de na sgrùdaidhean oileanach as motha san t-saoghal, air a chuir gu gach oileanach sa bhliadhna mu dheireadh san RA. Am-bliadhna fhreagair 339,383 neach aig 528 institiudan.

Fhuair º¬Ð߲ݴ«Ã½ sgòr nas àirde na an cuibheas Albannach ann an 22 de na 27 ceistean, le toraidhean làidir ann an teagasg, cothroman ionnsachaidh, measadh is ais-fhiosrachadh, taic acadaimigeach, sunnd inntinneil, eagrachadh is stiùireadh agus guth oileanaich. 

Fhuair ceithir de chùrsaichean º¬Ð߲ݴ«Ã½ - BA (Urram) Gnothachas is Stiùireadh, BSc Saidheans Slàinte Beòil, BSc (Urram) Saidhceòlas agus BA (Urram) Eòlas Diadhachd - rangachadh riarachais de 100%.

A’ labhairt mu na toraidhean, thuirt an Dr Iain Moireasdan, deadhan eòlas oileanaich º¬Ð߲ݴ«Ã½: “A’ tighinn cho luath às dèidh ar toraidhean air leth a thaobh riarachas oileanaich, tha ar fo-cheumnaichean air aontachadh gur e º¬Ð߲ݴ«Ã½ aon de na h-àiteachan as fheàrr san dùthaich airson ionnsachadh. Tha sinn moiteil às gach aon de ar n-oileanaich agus tha a bhith a’ faotainn freagairt cho deimhinneach bhuapa mu an eòlas, na dhuais air a deagh chosnadh le ar luchd-obrach thàlantach a tha cho cuimsichte air na h-oileanaich. Tha na toraidhean àrda leantainneach seo a’ ciallachadh gum feum neach sam bith a tha a’ smaoineachadh air tagradh airson ionnsachadh, beachdachadh air º¬Ð߲ݴ«Ã½ mar aon de na roghainnean as fheàrr.â€

Thuirt Ceann-suidhe Chomann nan Oileanach, Uilleam Caimbeul: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil oileanaich aig º¬Ð߲ݴ«Ã½ a’ leantainn air adhart a’ toirt cunntas air eòlas cho math tarsainn uimhir de raointean den eòlas aca. Tha e an-còmhnaidh sgoinneil an obair agus an oidhirp a chuir uimhir de dhaoine a-steach fhaicinn san dòigh seo. Mar Cheann-suidhe air Comann nan Oileanach, tha mi cuideachd air leth toilichte leis an àrdachadh mòr san sgòr a thug oileanaich do Chomann nan Oileanach aca ann an toraidhean na bliadhna seo.â€

Faodar toraidhean Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach fhaicinn aig:

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chùrsaichean aig º¬Ð߲ݴ«Ã½, tadhailibh air