Oileanaich nursaidh a’ faighinn fàilte Rìoghail
Thadhail A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail air Steòrnabhagh agus Inbhir Nis an-diugh (Diluain 25 Sultain) gus fà ilte a chur air na ciad oileanaich nursaidh a bha riamh aig Oilthigh na Gà idhealtachd is nan Eilean.
Agus i ag obair na dreuchd mar sheansalair an oilthigh, thug A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail cuairt timcheall Ospadal nan Eilean Siar agus an t-Ionad airson Saidheans Slà inte, bhruidhinn i ri oileanaich agus thug i peann cuimhneachaidh seachad dhaibh air fad. Chuir i crìoch air a tadhal le bhith a’ toirt seachad òraid, ag ainmeachadh planaichean gus Duais Nursaidh an t-Seansalair a thoirt a-steach airson sà r-mhathas aithneachadh ann am buidheann nan oileanach nursaidh.
Chaidh an turas Rìoghail a chur air dòigh an dèidh na prògraman foghlam nursaidh ro-chlà radh airson BSc ann an nursadh slà inte inntinn agus BSc ann an nursadh inbheach a bhith air an gluasad gu soirbheachail bho Oilthigh Shruighlea gu Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean. Tha an ceum seo mar phà irt de phlanaichean nas fharsainge Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean airson a Sgoil Slà inte, Cùram Sòisealta agus Saidheansan Beatha a leasachadh.
Agus e a’ bruidhinn aig an tachartas, thuirt an t-Àrd-ollamh Clive Mulholland, prionnsapal agus iar-sheansalair Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean, “Tha e na euchd mòr a bhith a’ cur fà ilte air a' chiad bhuidheann de dh'oileanaich nursaidh againn an-diugh, aon bhliadhna às dèidh dhuinn aonta fhaighinn bhon Chomhairle Nursaidh agus Banais-ghlùine airson an gluasad a thachairt. Bu toil leam taing a thoirt don luchd-obrach bhon dà oilthigh a bha ag obair cho cruaidh gus seo a dhèanamh comasach.
“Tha an gluasad air a bhith na phà irt èigeantach de leasachadh ar Sgoil Slà inte, Cùram Sòisealta agus Saidheansan Beatha, a’ cuideachadh le bhith a' togail còrr is £30m de dh’in-shealbh air feadh ar com-pà irteachais. Bha piseach mòr air an sgoil thar na bliadhna a chaidh seachad le leasachadh teagasg agus rannsachadh ann an slà inte agus cùram sòisealta co-cheangailte; spòrs agus sunnd; slà inte agus sunnd dùthchail; agus saidheans bith-mheidigeach. Agus i ag obair tarsainn ar com-pà irteachas eadar na colaistean is an t-oilthigh, cuidichidh an sgoil againn le bhith a’ toirt cothrom nas fheà rr air seirbheisean agus toraidhean nas fheà rr do luchd-còmhnaidh air feadh na Gà idhealtachd is nan Eilean.â€
Thuirt Heidi May, stiùiriche nursaidh NHS na Gà idhealtachd, “Tha e mìorbhaileach a bhith a’ faicinn gu bheil a’ chiad bhuidheann de dh'oileanaich a' tòiseachadh air an turas nursaidh aig Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean. Is e dreuchd iongantach a th’ ann an nursadh a bheir sà sachadh mòr do dhuine. Tha mi cinnteach gun soirbhich iad anns a’ ghairm bheatha a tha iad a' taghadh, agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla riutha sna bliadhnachan a tha romhainn.â€
Thuirt Niall R Galbraith, Cathraiche NHS nan Eilean Siar: “Tha Bòrd NHS nan Eilean Siar air leth toilichte fà ilte a chur air a’ chiad bhuidheann de dh’oileanaich banaltrachd fo sgiath Oilthigh na Gà idhealtachd ’s nan Eilean, don phrìomh ospadal aca. Tha an rèite ùr seo le foghlam à rd-ìre a’ solarachadh leantainneachd nar n-amas mar sheirbheis slà inte air daoine òga a bhrosnachadh gus togail orra air cùrsa-dreuchd a tha anabarrach sà sachail agus tarbhach, nan coimhearsnachdan fhèin. Tha là thaireachad na Bana-Phrionnsa Rìoghail aig an à m seo de thòiseachaidhean ùra a’ cur aonta chudromach ris an dà chuid dreuchd na banaltrachd agus solar oilthighe. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachadh don in-ghabhail ùr de dh’oileanaich.â€
Thuirt Chris Anne Campbell, stiùiriche air nursadh aig NHS nan Eilean Siar: “Tha e fìor mhath a bhith a 'faicinn gum bi ro-chlà raidh foghlam nursaidh a' leantainn air adhart sna h-Eileanan Siar tro Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean. Tha mi cinnteach gum brosnaich seo barrachd oileanaich a bhith air an oideachadh agus a bhith a 'fuireach mar nursaichean gu h-ionadail, far am bi an cùram agus an truasachd cho luachmhor.â€