Urram do luchd-obrach is oileanaich º¬Ð߲ݴ«Ã½ aig Duaisean HISA 2024

Tha aithne ga thoirt do luchd-obrach agus oileanaich tarsainn com-pàirteachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (º¬Ð߲ݴ«Ã½) airson an tabhartasan air leth, aig Duaisean Comann Oileanaich na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HISA) 2024. Tha duaisean na bliadhna seo a’ togail air bliadhna do-chreidsinneach eile de chom-pàirteachas eadar HISA agus º¬Ð߲ݴ«Ã½.

see full size image
Ceumnaichean a’ comharrachadh aon de chuirmean ceumnachaidh º¬Ð߲ݴ«Ã½ 2023. An dealbh le: Tim Winterburn agus º¬Ð߲ݴ«Ã½.

Tha aithne ga thoirt do luchd-obrach agus oileanaich tarsainn com-pàirteachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (º¬Ð߲ݴ«Ã½) airson an tabhartasan air leth, aig Duaisean Comann Oileanaich na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (HISA) 2024. Tha duaisean na bliadhna seo a’ togail air bliadhna do-chreidsinneach eile de chom-pàirteachas eadar HISA agus º¬Ð߲ݴ«Ã½.

Tha na duaisean air an stiùireadh le oileanaich, a’ comharrachadh luchd-obrach agus oileanaich a tha air a dhol fada seachad air an dleastanasan nan dreuchd, a’ toirt brosnachadh agus taic do choimhearsnachd º¬Ð߲ݴ«Ã½. Tha an iomairt seo a’ ceadachadh do dh’oileanaich an taingealachd a nochdadh dhaibhsan a tha air buaidh chudromach a thoirt air an slighe foghlaim.

Fhuaireadh 656 ainmean gu h-iomlan, a’ toirt aithne do dhaoine fa leth mu choinneamh an sàr-mhathais ann an ionnsachadh, ais-fhiosrachadh, taic, agus dreuchdan brosnachail. Is iad na buannaichean:

Sàr-mhathais – Duais Luchd-obrach

  • Shaun Escott, stiùiriche cùrsa Obrachaidhean Loingeis is Mara, º¬Ð߲ݴ«Ã½ a Tuath, an Iar is Innse Gall (àrainn Mhalaig)

Sàr-mhathais – Duais Oileanaich

  • Jennifer Mair, º¬Ð߲ݴ«Ã½ Moireibh

Duais Ais-fhiosrachadh Measaidh as Fheàrr

  • An Dr Alice Mongiello, º¬Ð߲ݴ«Ã½ Inbhir Nis

Duais Taic Ionnsachaidh/Acadaimigeach as Fheàrr

  • Julie Jones, º¬Ð߲ݴ«Ã½ Inbhir Nis

Stiùiriche Rannsachaidh no Tràchdais as Fheàrr

  • Iain Robasdan, º¬Ð߲ݴ«Ã½

Riochdaire Guth Oileanaich as Fheàrr 

  • Daniel Ferries, º¬Ð߲ݴ«Ã½ Inbhir Nis

Luchd-obrach Taic as Fheàrr (neo-theagasg)

  • Mark Stirling, HTC

Club Spòrsa HISA na Bliadhna

  • Club Spòrs Sneachda

Òraidiche Air-loidhne as Tarraingiche 

  • Pàdruig Moireach, Sabhal Mòr Ostaig

Duais Òraidiche as Brosnachaile

  • Ali Hepburn, º¬Ð߲ݴ«Ã½ Arcaibh

An t-Oileanach as Brosnachaile – Roghainn nan Oileanach

  • Jo Greenwood, º¬Ð߲ݴ«Ã½ Inbhir Nis

Thaisbean an Dr Iain Moireasdan, Deadhan Eòlas Oileanaich º¬Ð߲ݴ«Ã½, a mhòr-mheas ag ràdh, “Aon uair eile, tha mi air mo bhrosnachadh agus air mo ghluasad le beachdan nan oileanach, a’ togail air buaidh chruth-atharrachail ar luchd-obrach agus ar n-oileanach mhìorbhaileach. Tha na beachdan sin bhon chridhe nam fianais a bharrachd gur e àite air leth airson ionnsachadh a th’ ann an º¬Ð߲ݴ«Ã½.”

Thuirt, Shannon NicChaluim, Iar-Cheann-suidhe Foghlaim HISA, “Tha Duaisean HISA a’ taisbeanadh nan oidhirpean do-chreidsinneach a tha gan coileanadh gus eòlas foghlaim a neartachadh agus coimhearsnachdan làidir a thogail tarsainn º¬Ð߲ݴ«Ã½. Tha dìcheall ar luchd-obrach air a mheas gu mòr le ar n-oileanaich, a’ dèanamh º¬Ð߲ݴ«Ã½ mar aon de na h-àiteachan as riarachail airson ionnsachadh ann an Alba. Tha sinn air ar togail gu mòr mun ath bhliadhna acadaimigich!”

Bidh oileanaich º¬Ð߲ݴ«Ã½ uile tarsainn a’ chom-pàirteachais a’ faotainn ballrachd gu fèin-obrachail ann an HISA, a’ dèanamh cinnteach gum bi an guthan air an cluinntinn agus air an comharrachadh. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh air an làraich-lìn aca: