Na prìomhachasan againn sa Ghàidhlig
- A’ daingneachadh a’ bhun-dleastanais againn a bhith a’ taiceadh cleachdadh na Gàidhlig ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil is coimhearsnachdail, gu sònraichte ann an coimhearsnachdan Gàidhlig traidiseanta, ach gun a bhith cuingealaichte riutha sin,
- Neartaichidh sinn cleachdadh na Gàidhlig tarsainn ar com-pàirteachais acadaimigich,
- Tha e a rèir na follaiseachd mòire a th’ aig a’ Ghàidhlig gu poblach is gu poilitigeach ann an Albainn, agus an uallaich phoblaich shoilleir a th’ oirnn a bhith a’ toirt freagairt dhealasach air seo,
- Tha e a’ toirt a-steach a’ chom-pàirteachais acadaimigich, aig an aon àm ri bhith ag aithneachadh an àite shònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig mar an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus,
- Tha e a’ neartachadh eileamaidean de dh’fhoghlam adhartach is àrd-ìre agus gnìomhachdan rannsachaidh is iomlaid eòlais Ghàidhlig.

Tha am plana cuideachd a rèir a’ phlana ro-innleachdail ùir againn. Tha e mar phàirt bhunaiteach den ghnìomh a chuir sinn romhainn a bhith ag iomain air aghaidh foghlam agus rannsachadh co-chruthaichte, agus ar cruth-tìre, ar dualchas agus ar cultaran gun samhail a’ cur mathas ri sin. Cuiridh seo an spionnadh a th’ againn gu feum agus suidhichidh e àrd-amasan ùra tarsainn chòig prìomh chuspairean ro-innleachdail: teagasg, ionnsachadh agus taic do dh'oileanaich; buaidh rannsachaidh agus ùr-ghnàthachaidh; iomairt agus fàs; seasmhachd àrainneachdail; agus sàr-mhathas obrachaidh. Seasaidh sinn cànan is cultar na Gàidhlig nar coimhearsnachdan tro churraicealam, rannsachadh agus fèin-fhiosrachaidhean nan oileanach agus aithnichidh sinn is taicidh sinn an iomadachd chànanach is cultarach a th’ ann air feadh nan sgìrean againn.
Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair eadar-amail º¬Ð߲ݴ«Ã½
Adhartas cùrsa
Prògram Gà idhlig Iomlan
Gaelic learner education maps(GL)

Na bun-gheallaidhean againn
1. Teagasg, ionnsachadh, rannsachadh is iomlaid eòlais
- A bhith a’ neartachadh à ite is faicsinneachd na Gà idhlig agus am feum a nithear dhith ann am bun-ghnothach teagaisg, ionnsachaidh, rannsachaidh is iomlaid eòlais º¬Ð߲ݴ«Ã½, a’ gabhail a-steach dealas a bhith a’ dol an co-luadar gu for-ghnìomhach ris na coimhearsnachdan Gà idhlig traidiseanta.
2. Na dh’fhiosraicheas oileanaich
- A bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi na dh’fhiosraicheas oileanaich a’ daingneachadh a’ phrionnsapail de dh’urram co-ionann don Ghà idhlig is don Bheurla
3. Conaltraidhean corporra
- A bhith ag adhartachadh fèin-aithne dhà -chà nanach º¬Ð߲ݴ«Ã½
4. Luchd-obrach
- A bhith a’ brosnachadh is a’ taiceadh an luchd-obrach air fad, ge sam bith dè an dreuchd, agus ge sam bith cà it a bheil iad air am fastadh an com-pà irteachas an oilthigh, a bhith a’ togail is a’ leasachadh sgilean Gà idhlig