Eadar-theangachadh GÃ idhlig (SCQF level 11) PDA
Còd a' Chùrsa: 019Q
Modh ionnsachaidh: Bidh sibh a’ gabhail nas lugha de dh’aonadan cùrsa/modalan gach seachdain an taca ri là n-ùine.
Seòrsa cùrsa: PDA
·¡²¹»å²¹°ù-²Ôà ¾±²õ±ð²¹²Ô³Ù²¹: Not eligible for international students
Dèan sgrùdadh aig: Sabhal Mòr Ostaig
A’ tòiseachadh: Sultain
Modh ionnsachaidh: Bidh sibh a’ faotainn chlasaichean agus/no stuthan gu didseatach.
Fad: ±Êà ¾±°ù³Ù-³Ü¾±²Ô±ð: 1 bliadhna
Modh ionnsachaidh: Bidh sibh a’ frithealadh chlasaichean aig amannan ro-shuidhichte, a chithear air a’ chlà r-ama agaibh., Bidh sibh a’ coileanadh pìosan de dh’obair cùrsa gu neo-eisimeileach. Dh’fhaodadh iad sin a bhith air an suidheachadh leis an òraidiche agaibh no air an taghadh leibh fhèin.
Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?
Tha an DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig a’ freagairt orrasan a tha ag obair cheana mar eadar-theangaichean is iad airson tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air an eòlas, sgilean agus cleachdadh. Tha e cuideachd freagarrach dhaibhsan aig a bheil ìre àrd de chomas ann an Gàidhlig agus Beurla a tha airson a dhol tron phròiseas a dh’fheumar a leantainn gus a bhith mar eadar-theangaiche comasach a bhiodh ag obair aig ìrean proifeiseanta.
Is iad na prìomh raointean ris am bithear a’ dèiligeadh an lùib na h-obrach ach planaichean Gàidhlig le buidhnean poblach, obair eadar-theangachaidh an lùib nam meadhanan, craoladh agus foillseachadh.
Feartan sònraichte
- Cothrom Sgilean Eadar-theangachaidh sònraichte ionnsachadh
- Air a stiùireadh le eadar-theangaichean proifeiseanta le mòran eòlais
- Air a dhealbh còmhla ri ionadan foghlaim adhartach is àrd-ìre, fastaidhearan agus a’ ghnìomhachas
- Bidh agad ri iarrtas a chur a-steach sa Ghàidhlig is iad a’ mìneachadh nan teisteanasan a tha aca agus an eòlas buntainneach
Bhiodh e na bhuannachd nam biodh an teisteanas a leanas agad:
- Sgilean Eadar-theangachaidh (Translation Skills) SCQF Ìre 10*
- Ceum sa chànan (no cànanan) buntainneach agus/no fileantachd no faisg air fileantachd/comas obrachaidh sa bhun-chànan agus sa chànan air a bheilear ag amas*
*Teisteanas le Sabhal Mòr Ostaig – nach eil bho SQA
Cuiridh tu crìoch air na h-aonadan a leanas:
- Ag eadar-theangachadh theacsaichean bho Bheurla gu Gàidhlig is bho Ghàidhlig gu Beurla
- Ag ullachadh airson eadar-theangachadh
- Ag eadar-theangachadh theacsaichean bho aon chànan gu cànan eile
- A' cumail rian air obair eadar-theangachaidh
- A’ leasachadh do sgilean mar eadar-theangair phroifeiseanta
- Measadh d’ obair mar eadar-theangair a tha ag obair a rèir shlatan-tomhais proifeiseanta
- Dèanamh planadh agus cur an cèill an leasachaidh phroifeiseanta leantainneach agad fhèin
Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?
- ±Êà ¾±°ù³Ù-³Ü¾±²Ô±ð (le structar)
- ±Êà ¾±°ù³Ù-ù¾±²Ô±ð (gun structar)
- Bidh thu ag ionnsachadh tro chlasaichean-bhideo beò is clà raichte agus ionnsachadh air-loidhne tro VLE an oilthigh le taic bho do luchd-oide
Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?
- ±Êà ¾±°ù³Ù-³Ü¾±²Ô±ð (le structar): 1 bliadhna @ 10 uairean gach seachdain
Tha an à ireamh de dh’uairean a thìde gach seachdain a’ sealltainn nan uairean a thìde gu lèir a bu chòir a bhith ag obair air a' chùrsa, eadar òraidean agus rannsachadh air do cheann fhèin.
- Sabhal Mòr Ostaig
- Faodar an cùrsa seo a tha gu tur air loidhne a dhèanamh bho à ite sam bith san t-saoghal. Bu choir dhuibh iarrtas a chuir gu Sabhal Mòr Ostaig. Bith sibh clà raichte leotha agus a’ faighinn taic bhuapa
A’ tòiseachadh
- An t-Sultain
°äì²õ±ð²¹²Ô
For information on costs of this course please contact the campus where you wish to study.
Maoineachadh
External scholarships and financial support may be available. Contact the relevant º¬Ð߲ݴ«Ã½ partner college for more information.
Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?
Chaidh na h-aonadan anns an DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig am mapadh an aghaidh nan Inbhean Obrach Nàiseanta airson Eadar-theangachadh, aonadan PTra3 agus PTra4, a' toirt dhut an cothrom a bhith ag eadar-theangachadh gu proifeiseanta.
Dh'fhaodadh tu beachdachadh air dreuchd eadar-theangachaidh anns na raointean a leanas:
- planaichean Gàidhlig buidhnean poblach
- gnìomhachas nam meadhanan
- craoladh
- foillseachadh
An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?
Bhiodh an cothrom aig oileanaich a bhith a’ dol air adhart gu clàradh proifeiseanta.
Cuir a-steach airson Eadar-theangachadh GÃ idhlig (SCQF level 11) PDA
Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gà idhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh º¬Ð߲ݴ«Ã½ cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fà ilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.