º¬Ð߲ݴ«Ã½

Foghlam Gàidhlig MEd

Information iconCòd a' Chùrsa: Q539

Calendar iconModh ionnsachaidh: Bidh sibh a’ gabhail nas lugha de dh’aonadan cùrsa/modalan gach seachdain an taca ri làn-ùine., Bidh sibh ag ionnsachadh taobh a-muigh uairean obrach àbhaisteach, mar as trice air an fheasgar.

Mortar board iconSeòrsa cùrsa: MEd

Globe icon·¡²¹»å²¹°ù-²Ôྱ²õ±ð²¹²Ô³Ù²¹: Not eligible for international students

Campus iconDèan sgrùdadh aig: Sabhal Mòr Ostaig

Computer and book iconModh ionnsachaidh: Bidh sibh a’ faotainn chlasaichean agus/no stuthan gu didseatach., Bidh sibh ag ionnsachadh agus gur measadh san àite-obrach agaibh.

Clock iconFad: ±Êྱ°ù³Ù-ù¾±²Ô±ð: 3 bliadhna

Book and tick iconModh ionnsachaidh: Bidh sibh a’ frithealadh chlasaichean aig amannan ro-shuidhichte, a chithear air a’ chlàr-ama agaibh.

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Tha am prògram gu lèir air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig, a leigeas le com-pàirtichean an cuid sgilean litearrachd sa Ghàidhlig a leasachadh fhad is a tha iad a’ toirt an cuid eòlas proifeiseanta, tuigse is sgilean air foghlam Gàidhlig am feabhas.
’S ann air na leanas a bhios am prògram stèidhichte:

  • Modhan-teagaisg bogaidh is sàr-chleachdadh ann am foghlam bogaidh eadar-nàiseanta
  • Rannsachadh, poileasaidh is cleachdadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig
  • Neartachadh comasan Gàidhlig nan sgoilearan
  • Neartachadh misneachd is comasan nan com-pàirtichean sa Ghàidhlig agus an cuid tuigse air is cleachdadh de ghràmar na Gàidhlig
  • Neartachadh tuigse air cultar is fèin-aithne na Gàidhlig an lùib a’ chlàir-oide
  • Cumail taic ri measgachadh de luchd-ionnsachaidh ann am foghlam Gàidhlig
  • Air cheann ionnsachaidh ann am foghlam Gàidhlig
  • Rannsachadh an neach-cleachdaidh a chuireas is a leasaicheas cleachdadh

Tha am prògram MEd stèidhichte air modalan ceumnach a leigeas le com-pàirtichean togail gu leantainneach air an eòlas stèidhichte aca. Tha an ceum a’ tighinn gu crìch le sgrùdadh deireannach an neach-cleachdaidh a th’ air a dhealbhadh airson leigeil le com-pàirtichean an cuid eòlais, sgilean is tuigse phroifeiseanta, a tha iad air leasachadh tron phrògram, a chur gu feum airson taic a chumail ri leasachadh san t-suidheachadh obrach aca fhèin.

Feartan sònraichte

  • Structar leantainneach stèidhichte air modalan ceumnach a leigeas le com-pàirtichean togail gu leantainneach air an eòlas stèidhichte aca
  • Air a lìbhrigeadh le luchd-labhairt a tha fileanta ’s a’ Ghàidhlig agus aig a bheil eòlas farsaing air foghlam 
  • Cothrom rannsachadh an neachd-cleachdaidh a dhèanamh nur n-àite-obrach
  • Tha ionnsachadh cnuasachaidh  aig cridhe a’ chùrsa seo, a leigeas leibh na dh’ionnsaicheas sibh a chleachdadh nur practas proifeiseanta  

  • Feumaidh Gàidhlig a bhith agaibh agus feumaidh sibh a bhith clàraichte leis an GTCS

Inntrigeadh adhartach:

  • Dh’fhaodadh soirbheas ann an Tèisteanas Iar-Cheuma ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (Streap), a chaidh  a lìbhrigeadh ann am com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Obar Dheathain, cothrom dhuibh a dhol a-steach don dàrna bliadhna.  
  • Thèid agallamh a dhèanamh leibh aig inntrigeadh agus feumaidh 60 creideasan slàn a bhith agaibh bhon phrògram seo às na còig bliadhna mu dheireadh 

Seo na prìomh mhodalan:

  • Foghlam bogaidh agus a’ togail cànain ann an suidheachadh mion-chànanach
  • Dòighean-teagaisg èifeachdach airson bogadh ann an àrainneachd bheartach Ghàidhlig

 
Thèid agaibh air fear de na modalan roghainneil seo a dhèanamh:

  • Gàidhlig airson luchd-teagaisg 1
  • Gàidhlig airson luchd-teagaisg 2 

Seo na prìomh mhodalan:

  • Cultar, fèin-aithne agus ideòlas cànain ann am foghlam Gàidhlig
  • A’ cumail taic ri gach neach-ionnsachaidh

Thèid agaibh air fear de na modalan roghainneil seo a dhèanamh:

  • A’ stiùireadh ionnsachadh ann am foghlam Gàidhlig
  • Gàidhlig airson luchd-teagaisg 2

Seo na prìomh mhodalan:

  • Tagradh rannsachaidh an neach-cleachdaidh
  • Rannsachadh an neach-cleachdaidh ann am foghlam Gàidhlig

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?

  • ±Êྱ°ù³Ù-ù¾±²Ô±ð (le structar)
  • ’S ann air-loidhne a tha cuid mhòr den phrògram air a lìbhrigeadh agus chaidh a dhealbhadh gus an tèid a dhèanamh cuide ri dleastanasan proifeiseanta eile.
  • Thèid latha aghaidh-ri-aghaidh a chur seachad aig Sabhal Mòr Ostaig aig toiseach na bliadhna acadaimigich far an urrainn do chom-pàirtichean is oidean a’ phrògraim coinneachadh ri chèile. Bidh com-pàirtichean an sàs ann an gnìomhan air-loidhne gach cola-deug cho math ri clasaichean air-loidhne gus am bi conaltradh cunbhalach ann agus co-obrachadh eadar com-pàirtichean is oidean

Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?

  • ±Êྱ°ù³Ù-ù¾±²Ô±ð (le structar): 3 bliadhna

Seallaidh an àireamh de dh’uairean gach seachdain an ùine a bu choir dhuibh a chur seachad air obair a’ chùrsa, a’ gabhail a-steach 
òraidean agus an ùine agaibh fhèin a chosgas sibh air ionnsachadh pearsanta agus rannsachadh.

  • Sabhal Mòr Ostaig

A’ tòiseachadh

  • An t-Sultain

°äì²õ±ð²¹²Ô

Airson an t-Sultain 2022, tha an MEd Foghlam Gàidhlig air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba, mar sin cha bhi cìsean oideachaidh ri pàigheadh le oileanaich. Tha ion-roghnachd a’ chùrsa seo stèidhichte air clàradh le Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba (GTCS).

Maoineachadh

Tha an cùrsa seo air a làn-mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba.

Cosgaisean a bharrachd

Thèid agaibh ri latha aghaidh-ri-aghaidh a fhrithealadh aig Sabhal Mòr Ostaig san t-Sultain aig toiseach gach bliadhna acadaimigich. Bidh agaibh fhèin ri cosgaisean siubhail a phàigheadh.

Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?

Cuiridh am program seo gu mòr ris an ionnsachadh phroifeiseanta agaibh mar thidsear.

An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?

Faodaidh sibh leantainn oirbh bhon a’ phrògram seo chun a’ chùrsa a leanas:

  • PhD ann am Foghlam

Cuir a-steach airson Foghlam Gàidhlig MEd

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2026

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh º¬Ð߲ݴ«Ã½ cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.