º¬Ð߲ݴ«Ã½

Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte DipHE

Information iconCòd a' Chùrsa: Q506

Calendar iconModh ionnsachaidh: Bidh sibh ag ionnsachadh a’ mhòr-chuid de làithean na seachdain agus a’ crìochnachadh a h-uile aonad cùrsa/modal san ùine àbhaisteach., Bidh sibh a’ gabhail nas lugha de dh’aonadan cùrsa/modalan gach seachdain an taca ri làn-ùine.

Mortar board iconSeòrsa cùrsa: DipHE

Globe icon·¡²¹»å²¹°ù-²Ôྱ²õ±ð²¹²Ô³Ù²¹: Available to study online

Campus iconDèan sgrùdadh aig: A Tuath, an Iar is Innse Gall; Sabhal Mòr Ostaig

Pen iconA’ tòiseachadh: Faoilleach; Sultain

Computer and book iconModh ionnsachaidh: Bidh sibh a’ frithealadh chlasaichean aghaidh ri aghaidh aig an àrainn no an t-ionad ionnsachaidh ionadail agaibh., Bidh sibh a’ faotainn chlasaichean agus/no stuthan gu didseatach.

Clock iconFad: ³¢Ã ²Ô-ù¾±²Ô±ð: 2 bhliadhna; ±Êྱ°ù³Ù-ù¾±²Ô±ð 4-5 bliadhna

Book and tick iconModh ionnsachaidh: Bidh sibh a’ frithealadh chlasaichean aig amannan ro-shuidhichte, a chithear air a’ chlàr-ama agaibh., Bidh sibh a’ coileanadh pìosan de dh’obair cùrsa gu neo-eisimeileach. Dh’fhaodadh iad sin a bhith air an suidheachadh leis an òraidiche agaibh no air an taghadh leibh fhèin.

Dè tha sònraichte mun chùrsa seo?

Tha an Dioplòma Foghlam Àrd-ìre ann an Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte na chùrsa mhath airson adhartas gu ar prògraman ceuma Gàidhlig:       

Gabhaidh tu modalan bho na prògraman ceuma Gàidhlig agus thig do chomas sa Ghàidhlig air adhart, a' toirt cothrom dhut fàgail le Dioplòma Àrd-ìre no a dhol air adhart gu tuilleadh ionnsachaidh tro sgeama na Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte.   

Gheibh thu taic is stiùireadh bho sgioba a' chùrsa airson dèanamh cinnteach gum bi na modalan a thaghas tu freagarrach airson adhartas chun na h-ath ìre ma 's e sin a bhios tu ag iarraidh. 

Feartan sònraichte

  • Bogadh ann an Gàidhlig
  • Slighe gu Prògraman Ceuma Gàidhlig
  • Clasaichean Aghaidh-ri-Aghaidh aig làraich bhreagha sna h-eileananan
  • Cothroman sùbailteach eile airson lìbhrigeadh air-loidhne
  • Ionnsaich bho oidean a tha nan eòlaichean nan cuspairean

  • 3 Àrd-ìrean Albannach aig BBC no nas àirde; bhiodh e na bhuannachd nam biodh Gàidhlig Àrd-ìre (fileantaich) no Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh) aig B nam measg NO
  • 2 A level aig BC no nas àirde
  • Thèid beachdachadh air iarrtasan bho thagraichean, le uidheamachd no eòlas eile, fa-leth
  • Bidh agallamh agad airson do sgilean Gàidhlig a mheasadh a thaobh àite fhaighinn air a' chùrsa iomchaidh sa chiad bhliadhna
  • Seo cùrsa Category 2 PVG far a bheil PVG a dhìth airson modal sònraichte, ma tha seo a' gabhail a-steach obair le buidhnean so-leònte, ach tha e comasach am modal a choileanadh às aonais seo. Thoir sùil air an duilleag-lìn PVG againn airson tuileadh fiosrachaidh
  • Chan eil an cùrsa seo a' gabhail iarrtasan airson inntrigeadh aig àm eile, nas fhaide air adhart; ma tha thu ag iarraidh gabhail bliadhna a-mach, faodaidh tu iarrtas a chur a-steach an ath bhliadhna

S e bliadhna chànain a th' anns a' chiad bhliadhna agus, a rèir do chomasan cànain, faodaidh tu dèanamh:

Gheibh thu cothrom greis gnìomhachais, ann an àrainneachd Ghàidhlig, a dhèanamh ma tha thu air a' Chùrsa Chomais no Gàidhlig agus Conaltradh.

Tha na cuspairean a' gabhail a-steach:   

  • Ainm-eòlas na h-Alba
  • An Sgeulachd Ghoirid
  • Bàrdachd bho 1900
  • Beul-aithris
  • Cànan, Cultar is Cinnidheachd
  • Gàidhlig 2

Ciamar a dh’ionnsaicheas mi?

  • ³¢Ã ²Ô-³Ü¾±²Ô±ð
  • ±Êྱ°ù³Ù-³Ü¾±²Ô±ð (le structar)
  • ±Êྱ°ù³Ù-ù¾±²Ô±ð (gun structar)
  • Ionnsaichidh tu tro chlasaichean aghaidh-ri-aghaidh no chlasaichean air-loidhne agus an àrainneachd ionnsachaidh air-loidhne (Brightspace)

Dè cho fad ’s a mhaireas an cùrsa agam?

  • ³¢Ã ²Ô-ù¾±²Ô±ð: 2 bhliadhna @ 40 uair gach seachdain           
  • ±Êྱ°ù³Ù-ù¾±²Ô±ð (le structar): 4 bliadhna @ 20 uair gach seachdain    
  • ±Êྱ°ù³Ù-ù¾±²Ô±ð (gun structar): suas ri 5 bliadhna          

Tha an àireamh de dh'uairean san t-seachdain a' ciallachadh na h-uairean iomlan a bu chòir dhut a chur seachad air a' chùrsa, a' gabhail a-steach ùine ann an òraidean agus ionnsachadh is rannsachadh air do cheann fhèin.

  • A Tuath, an Iar is Innse Gall
  • Sabhal Mòr Ostaig

A’ tòiseachadh

  • An t-Sultain
  • Am Faoilleach

°äì²õ±ð²¹²Ô

Airson oileanaich a tha mar as trice a’ fuireach ann an Alba, le seòladh teirm ann an Alba, bidh na cìsean a leanas an sàs:

Tha seo a’ gabhail a-steach

  • Nàiseantaich an AE le inbhe shuidhichte no ro-shuidhichte san RA,
  • Nàiseantaich EEA/Eilbheiseach le inbhe shuidhichte san RA
  • Nàiseantaich an EEA/Eilbheis le inbhe ro-shuidhichte a tha ag obair air an ceann fhèin no nan luchd-obrach imrich san RA.
  2024-25 2025-26
Làn-ùine (modalan creideas 120) gach bliadhna £1,285 £1,285
Pàirt-ùine (structaraichte) (modalan 3 x 20 creideas) gach bliadhna £645 £645
Pàirt-ùine (neo-structaraichte gach modal) (gach modal creideas 20) £215 £215

Airson oileanaich a tha mar as trice a’ fuireach anns a’ chòrr den RA (Sasainn, a’ Chuimrigh agus Èirinn a Tuath, a’ gabhail a-steach Eileanan a’ Chaolais agus Eilean Mhanainn) agus aig a bheil seòladh rè teirm ann an Alba, bidh na cìsean a leanas an sàs:

  2024-25 2025-26
Làn-ùine (modalan creideas 120) gach bliadhna £7,110 £7,440
Pàirt-ùine (structaraichte) (modalan 3 x 20 creideas) gach bliadhna £3,555 £3,720
Pàirt-ùine (neo-structaraichte gach modal) (gach modal creideas 20) £1,185 £1,240

Tha cìsean rim pàigheadh ro làimh gach bliadhna acadaimigeach mura h-aontaichear a chaochladh.

Tha grunn froghainnean maoineachaidh rim faighinn le oileanaich na RA gus do chuideachadh le bhith a’ pàigheadh airson do chuid ionnsachaidh agus do chosgais bith-beò fhad ‘s a tha thu ag ionnsachadh.

Airson oileanaich nach àbhaist a bhith a’ fuireach san RA, a’ gabhail a-steach nàiseanaich an EU/EEA agus Eilbheis gun inbhe stèidhichte no ro-shuidhichte san RA, le seòladh teirm ann an Alba, bidh na cìsean a leanas an sàs:

Tha seo a’ toirt a-steach nàiseantaich EEA/Eilbheis le inbhe ro-shuidhichte nach eil ag obair air an ceann fhèin no nan luchd-obrach imrich san RA.

  2024-25 2025-26
Làn-ùine (modalan creideas 120) gach bliadhna £8,775 £8,925
Pàirt-ùine (neo-structaraichte gach modal) (gach modal creideas 20) £1,463 1,488

Chan eil sgrùdadh pàirt-ùine fosgailte do dh’ oileanach eadar-nàiseanta a dh’ fheumas taic-airgid bhìosa Slighe Oileanach airson ionnsachadh san RA.

Maoineachadh

Tha diofar sgoilearachdan, bhursaraidhean is thahbrtasan aig º¬Ð߲ݴ«Ã½ rim a tha fosgailte gu oileanaich ùra is oileanaich eile. Thoir sùil air A-Z maoin airgid no criathraich airson faicinn de na maoin as iomchaidh dhut fhèin.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air maoineachadh airson do chuid ionnsachaidh; thoir sùil air a cheangal an cois seo no cuir fios chun na colaiste.

Dè as urrainn dhomh dèanamh nuair a choilionas mi an cùrsa agam?

An uair a tha thu air crìoch a chur air a' chùrsa gu soirhbeachail dh'fhaodadh tu smaoineachadh air dreuchdan anns na raointean a leanas:         

  • Teagasg
  • Ceòl
  • Na Meadhanan Gàidhlig
  • Leasachadh na Gàidhlig

An urrainn dhomh adhartas a dhèanamh do ionnsachadh a bharrachd?

Dh'fhaodadh tu gluasad air adhart bhon DipHE Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte gu:

Cuir a-steach airson Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte DipHE

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2026 no Faoi/Gear 2027

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh º¬Ð߲ݴ«Ã½ cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.