º¬Ð߲ݴ«Ã½ ag ainmeachadh iar-ollamhan ùra bho air feadh a’ chom-pàirteachais

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (º¬Ð߲ݴ«Ã½) air tiotal iar-ollamh a bhuileachadh air ceathrar cho-obraichean bho air feadh a’ chom-pàirteachais, a’ leantainn air aonta le Comhairle Acadaimigeach º¬Ð߲ݴ«Ã½. Tha na dreuchdan seo ag aithneachadh an tabhartasan air leth a thaobh teagasg, rannsachadh agus ceannardas anns na raointean aca fhèin.

see full size image
Measgachadh: (deiseal bhon mhullach air an taobh chlì): Tom Wilding, Michelle Beattie, Antonia NicThòmais agus Jen Harland

Antonia NicThòmais, Iar-Ollamh Ealain is Arc-eòlais, Institiùd Arc-eòlais º¬Ð߲ݴ«Ã½

Antonia Thomas, Associate Professor of Art and Archaeology, º¬Ð߲ݴ«Ã½ Archaeology Institute

’S e òraidiche agus neach-rannsachaidh eadar-chuspaireil a th’ ann an Antonia NicThòmais le pròifil eadar-nàiseanta làidir ann an rannsachadh gnìomhaichte, teagasg agus iomlaid eòlais. Bidh i a’ stiùireadh an MA Ealain Cho-aimsireil is Arc-eòlais, prògram ùr-ghnàthach a leasaich i agus a chuir i air bhog ann an 2020, a tha a’ tàladh oileanaich bho air feadh an t-saoghail.

Tha an rannsachadh aice a’ dol thairis air dà raon co-cheangailte: cruthachadh chomharran ann an co-theacsan arc-eòlais (a’ gabhail a-steach ealain creige agus graifiti), agus an dàimh eadar arc-eòlas agus cleachdadh ealain cho-aimsireil. Tha an obair aice a’ dol bho sgrùdaidhean Neoiliteach, leithid mion-sgrùdadh air clachan snaidhte bho Nis Brodgar gu pròiseactan an latha an-diugh leithid TRANSECTS, a bhios a’ sgrùdadh mar as urrainn do dhòighean-obrach cruthachail agus arc-eòlais tuigse fhiosrachadh do dh’eadar-ghluasadan lùth mara ann an Arcaibh, Ear-Thuath na h-Alba, agus an Humber.

Ann an 2025, chaidh a h-ainmeachadh mar an ‘Òraidiche as Brosnachaile’ aig duaisean Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HISA).

Thuirt Antonia:

“Tha mi cho toilichte gu bheil mo rannsachadh agus mo theagasg air an aithneachadh san dòigh seo. Tha a bhith nam Iar-Ollamh ann an Ealain agus Arc-eòlas na thoiseach air caibideil ùr inntinneach nam chùrsa-beatha acadaimigeach, agus tha mi moiteil a bhith a’ dèanamh seo mar phàirt de sgioba º¬Ð߲ݴ«Ã½.”

 

Jen Harland, Iar-Ollamh ann an Arc-eòlas Àrainneachdail, Institiud Arc-eòlais º¬Ð߲ݴ«Ã½

Jen Harland, Associate Professor of Environmental Archaeology, º¬Ð߲ݴ«Ã½ Archaeology Institute

’S e sù-arceòlaiche a th’  ann an Jen Harland a tha gu sònraichte a’ dèiligeadh ri eag-eòlas mara eachdraidheil, le fòcas air sgrùdadh èisg, mamalan mara, agus maorach bho cho-theacsan arc-eòlais. Tha an rannsachadh aice a’ sgrùdadh mar a chleachd daoine goireasan mara thar ùine – airson biadh, innealan, agus sgeadachadh – agus mar a tha na cleachdaidhean sin air atharrachadh thar mhìltean bhliadhnaichean, le cuideam sònraichte air Alba.

Còmhla ri mion-sgrùdadh traidiseanta air fuigheall corporra, bidh i a’ co-obrachadh le eòlaichean gus dòighean bith-mholaicileach a chur an sàs, a’ fuasgladh in-sheallaidhean ùra air cnàmhan is sligean a lorgadh ann an cladhachdan.

Tha i na co-rannsaiche air LIFTE: A’ Coimhead a-steach Bhon Oir, pròiseact a tha a’ sgrùdadh fianais arc-eòlais agus eachdraidheil airson malairt eadar na h-Eileanan a Tuath agus mòr-thìr na Roinn Eòrpa tron tràth nua-aimsireil. Tha am pròiseact làithreach aice, TRANSECTS, a’ cleachdadh dòigh-obrach ioma-chuspaireil gus sgrùdadh a dhèanamh air atharrachaidhean/gluasadan lùth mara, a’ gabhail a-steach cudromachd eachdraidheil agus leantainneach sealg mhucan-mara agus toraidhean mhucan-mara ann an Alba.

Thuirt Jen:

“Tha mi toilichte gun deach an tiotal Iar-Ollamh a thoirt dhomh. Tha seo gu ìre mhòr mar thoradh air lìonraidhean de cho-obraichean agus eòlaichean ann an arc-eòlas agus cuspairean co-cheangailte; le bhith ag obair còmhla agus a’ roinn stuthan agus dhòighean-obrach, is urrainn dhuinn barrachd ionnsachadh bhon àm a dh’fhalbh.”

Michelle Beattie, Iar-Ollamh ann an Leasachadh Cùram-slàinte, Ionad º¬Ð߲ݴ«Ã½ airson Saidheansan Slàinte Dùthchail

Michelle Beattie, Associate Professor of Healthcare Improvement, º¬Ð߲ݴ«Ã½ Centre for Rural Health Sciences

’S e Àrd-Òraidiche agus Ceannard Rannsachaidh Iar-cheumnach aig ann an Inbhir Nis a th’ ann am Michelle Beattie . Mar bhanaltram clàraichte agus acadaimigeach, tha i air tabhartas acadaimigeach leantainneach a thoirt do leasachadh cùram-slàinte tro theagasg, rannsachadh gnìomhaichte, agus cleachdadh co-obrachail.

Tha a h-aithne mar Chomhaltach Teagaisg Nàiseanta a’ nochdadh a dòigh-obrach ùr-ghnàthach a thaobh foghlam leasachaidh càileachd. Còmhla ri seo, tha an rannsachadh gnìomhaichte aice a’ taisbeanadh buaidh bhrìoghmhor thar cho-theacsan cùram-slàinte ionadail agus eadar-nàiseanta.

Tha sgoilearachd Michelle ag amas air guthan fo-riochdaichte ann an cùram-slàinte a neartachadh, leis an amas air leasachaidhean nas in-ghabhalaiche agus nas brìoghmhoire fhiosrachadh do dhaoine fa leth, coimhearsnachdan agus seirbheisean cùram-slàinte.

Thuirt Michelle:

“Tha mi air leth toilichte gun deach Iar-Ollamh a bhuileachadh orm, aithne a bhuineas dha na h-oileanaich, na co-obraichean agus na coimhearsnachdan a tha a’ cumadh m’ obrach cho math riumsa. Tha mi fhathast ag amas air riochdairean atharrachaidh san àm ri teachd a chruthachadh ann an slàinte agus rannsachadh gnìomhaichte, a tha a’ toirt taic do leasachaidhean brìoghmhor ann an cùram-slàinte.”

Tom Wilding, Iar-Ollamh Co-cheangailte ann am Measadh Àrainneachdail Ùr-ghnàthach, Comann Saidheans Mara na h-Alba, com-pàirtiche aig º¬Ð߲ݴ«Ã½

Tom Wilding, Associate Professor of Innovative Environmental Assessment, Scottish Associate for Marine Science, a partner of º¬Ð߲ݴ«Ã½

’S e eag-eòlaiche grunnd-mhara, modailear staitistigeil, agus eòlaiche dàta a th’ ann an Tom Wilding a tha ag amas air sgrùdadh mara adhartachadh. Tha e a’ stiùireadh leasachadh air lèirsinneachd coimpiutair ùr-ghnàthach agus modhan-obrach eDNA gus coimhearsnachdan a mheasadh a thaobh structaran daonna-dhèanta agus air feadh grunnd na mara.

Ag obair aig crois-rathaid rannsachaidh, poileasaidh agus riaghlaidh, bidh Tom ag obair gu dlùth le gnìomhachas agus riaghladairean ann an roinnean lùtha ath-nuadhachail, ola is gas, agus àiteachas-uisge. Còmhla ris an sgioba aige, bhuannaich e aig Duaisean

Lùth Uaine na h-Alba 2025 agus choisinn e a’ chiad duais chruinneil le bhith ag amalachadh sgrùdadh stèidhichte air eDNA ann am measadh gèillidh tuathanachas- èisg reachdail.

Thuirt Tom:

“Tha mi air leth toilichte gun deach tiotal Iar-Ollamh a bhuileachadh orm agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ brosnachadh dhòighean ùr-ghnàthach airson coimhearsnachdan a mheasadh, a tha a’ fàs air structar agus grunnd na mara.”

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Brian MacUilleim, Iar-Phrionnsapal Chùisean Acadaimigeach is Rannsachaidh:

“Tha mi air leth toilichte mealadh naidheachd a chur air na h-iar-ollamhan ùra againn. Tha an obair aca stèidhichte ann an co-obrachadh le oileanaich, co-obraichean agus coimhearsnachdan, agus a’ nochdadh na buaidh fìor-shaoghalta a tha a’ mìneachadh º¬Ð߲ݴ«Ã½. Tron rannsachadh agus an teagasg aca, tha iad a’ dèiligeadh ri dùbhlain bhrìoghmhor agus a’ cruthachadh atharrachadh adhartach gu h-ionadail agus nas fhaide air falbh.”